Mark 16:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh iad a‑mach is theich iad on tuam, oir bha ball‑chrith agus iongnadh air an greimeachadh, agus cha tuirt iad sìon ri neach sam bith, oir bha eagal orra. [Chan eil Marcas 16:9‑20 sna làmh‑sgrìobhainnean as tràithe no ann an tòrr dhe na fianaisean as sine.]
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball‐chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa gabhail a mach, theich iadsa bhoʼn uaigh: oir ghlac eagal us balla-chrith iad; ʼs cha tuirt iad ni ri duine air bith: oir bha sgàth orra.