Mark 2:14 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a' gabhail seachad, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig bùth na cìse agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite-togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite‐togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis ʼna shuidhe an tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e.