Mark 3:27 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach chan urrainn do neach sam bith a dhol a‑steach do thaigh duine làidir agus a sheilbh a chreach mura ceangail e an duine làidir an toiseach, agus an uair sin creachaidh e a thaigh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Chan urrainn neach air bith dol a‑steach do thaigh duine làidir, agus a àirneis a thogail leis, mura ceangail e an duine làidir an toiseach; agus an sin creachaidh e a thaigh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Chan urrainn neach air bith dol a‑steach do thaigh duine làidir, agus a àirneis a thogail leis, mura ceangail e an duine làidir an toiseach; agus an sin creachaidh e a thaigh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Cha n-urrainn do neach air bith dol a stigh do thigh duine laidir, agus ʼairneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.