Mark 4:20 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach is iadsan a chaidh a chur ann an talamh math an fheadhainn a chluinneas am facal agus a ghabhas e is a bheir a‑mach toradh — a thrithead, a sheasgad agus a cheud uiread.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, ʼsiad sin iadsan a dhʼeisdeas ris an fhacal, ʼsa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.