Mark 5:13 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. ʼS air dol a mach do na spioraid neoghlan, chaidh iad a stigh anns na mucan; us chaidh an treud, a bha mu dhà mhile, ʼnan deann-ruith an comhair an cinn sa mhuir, agus thachdadh iad sa mhuir.