Mark 5:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach cha do leig e leis, is thuirt e ris, “Thalla dhachaigh gu do chuideachd, agus innis dhaibh na rinn an Tighearna dhut, agus mar a rinn e tròcair ort.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus cha do leig e leis, ach thuirt e ris: Falbh dhachaidh gu do mhuinntir, us innis dhaibh a mhiad ʼsa rinn an Tighearna riut, ʼs mar ghabh e truas riut.