Mark 5:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus dh'fhalbh esan, agus thòisich e air aithris san Decapolis na rinn Ìosa dha. Agus ghabh iad uile iongnadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us dhʼfhalbh e, agus thòisich e ri innse ann an Decapolis a mhiad sa rinn Iosa ris; agus ghabh iad uile iongantas.