Mark 5:22 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin thàinig aon de riaghladairean an t‑sionagoig, dham b' ainm Iàirus, agus nuair a chunnaic e esan, thuit e aig a chasan.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thainig fear de dhʼuachdrain an t-sinagoig, dhaʼm bʼainm Iairus; ʼs ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,