Mark 5:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir chaidh a cheangal gu tric le slabhraidhean agus le sèinichean, ach tharraing e na sèinichean‑coise às a chèile, agus bhris e na slabhraidhean nam pìosan beaga. Cha robh an neart aig neach sam bith airson a cheannsachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion‐bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh.