Mark 5:40 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus rinn iadsan gàire magaidh air. Ach às dèidh dha iadsan uile a chur a‑mach, thug e leis athair is màthair an leanaibh 's iadsan a bha còmhla ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an leanabh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us rinn iad gàire fanaid air. Ach air dhasan an cur uile mach, thug e leis athair us mathair na h-ighinn, us iadsan a bha cuide ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean ʼna laidhe.