Mark 6:22 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir nuair a thàinig nighean Heròdiais a‑steach agus a rinn i dannsa, thoilich i Herod agus na h‑aoighean aige. Agus thuirt an rìgh ris a' chaileig, “Iarr nì sam bith as miann leat uamsa, agus bheir mi dhut e.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a thainig nighean Herodiais so stigh, ʼsa dhanns i, ʼsa thaitinn i ri Herod, agus riusan a bha aig bord cuide ris, thuirt an righ ris a chailin: Iarr orm na ʼs aill leat, us bheir mi dhut e: