Mark 7:24 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa g-eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; ʼsa dol a stigh do thigh, cha bʼaill leis gum biodh brath aig duine sa bith air, agus cha bʼurrainn e bhith am falach.