Mark 8:17 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a' tuigsinn seo, thuirt Ìosa riutha, “Carson a tha sibh a' deasbad nach eil aran agaibh? An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near no a' tuigsinn? A bheil ur cridheachan fhathast air an cruadhachadh?
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Os Iosa riu, ʼs e tuigsinn so: Car-son tha sibh smaoineachadh a chionn ʼs nach eil aran agaibh? nach eil aithne agaibh fhathast no tuigse? am beil ur cridhe dall fhathast?