Matthew 10:11 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Agus ge b' e baile mòr no baile beag dhan tèid sibh a‑steach, faighibh a‑mach cò a tha airidh ann agus fanaibh an sin gus am fàg sibh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh-airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh‐airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us ge bʼe air bith caithir no baile dhaʼn teid sibh a stigh, faighnichibh co an duine fiachail a tha ʼn sin, agus fanaibh an sin gus am falbh sibh.