Matthew 10:28 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus na gabhaibh eagal rompasan a mharbhas a cholunn, ʼs nach urrainn an t-anam a mharbhadh: ach gum bu raghnaiche leibh eagal a bhith oirbh roimhe-san, a ʼs urrainn a cholunn agus an t-anam a sgrios ann an iutharna.