Matthew 11:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhad 's a bha iadsan a' falbh, thòisich Ìosa air bruidhinn ris an t‑sluagh mu dheidhinn Eòin, ag ràdh, “Dè a chaidh sibh a‑mach dhan fhàsach a dh'fhaicinn? Cuilc air a crathadh leis a' ghaoith?
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air imeachd dhaibhsan air falbh, thòisich Iosa air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, ag ràdh, Ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air imeachd dhaibhsan air falbh, thòisich Iosa air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, ag ràdh, Ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS an deigh dhaibh-san falbh, thoisich Iosa ri labhairt ris an t-sluagh mu Eoin: Ciod a chaidh sibh a mach do ʼn fhasach a dhʼfhaicinn? an e cuilc air a crathadh leis a ghaoith?