Matthew 13:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
ach chan eil freumh aige ann fhèin, ach mairidh e ùine ghoirid, agus nuair a thig trioblaid no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tuitidh e air falbh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach cha n-eil friamh aige ann fhein ach car tamuill, oir nuair thig trioblaid agus geur-leanmhuinn air son an fhacail, air ball gabhaidh e sgainneal.