Matthew 13:30 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Leigibh leis an dà chuid fàs còmhla gus an tig am fogharadh, agus aig àm an fhogharaidh canaidh mise ris an luchd‑buana, “Cruinnichibh an toiseach na luibhean agus ceanglaibh iad nan sguaban airson a bhith air an losgadh, ach cruinnichibh a' chruithneachd dham shabhal.”’”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd-buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd‐buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Leigibh leo le cheile fàs gu faghar, ʼs an àm an fhaghair their mi ris na buanaichean: Trusaibh an toiseach an cogull, agus ceanglaibh e ʼna sguaban gus a losgadh, ach tionailibh an cruithneachd gu mʼ shabhal.