Matthew 15:30 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thàinig sluagh mòr thuige, a' toirt leotha nam bacach, nan dall, nan daoine ciorramach, nam balbhan, agus mòran eile, agus shìn iad sìos aig casan Ìosa iad, agus shlànaich e iad.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig mòr-shluagh da ionnsaigh, agus aca maille riu bacaich, doill, balbhain, daoine ciurramach, agus mòran eile, agus thilg iad sìos aig casan Iosa iad, agus shlànaich e iad:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig mòr‐shluagh da ionnsaigh, agus aca maille riu bacaich, doill, balbhain, daoine ciurramach, agus mòran eile, agus thilg iad sìos aig casan Iosa iad, agus shlànaich e iad:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thainig moran sluaigh ga ionnsuidh, a toirt leo nam balbhan, nan dall, nam bacach, nan ciorramach, us morain eile; agus thilg iad aig a chasan iad, agus leighis e iad.