Matthew 16:17 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus fhreagair Ìosa esan, “Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar‑Iònah, oir cha do dh'fhoillsich feòil is fuil seo dhutsa ach m' Athair‑sa a th' air nèamh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar-Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair-sa a tha air nèamh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar‐Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair‐sa a tha air nèamh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us Iosa a freagairt, thuirt e ris: Is beannaichte thusa, Shimoin Bhar-Iona; oir cha n-iad feoil us fuil a thaisbean sin dhutsa, ach mʼ Athair a tha air neamh.