Matthew 17:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt e riutha, “Air sgàth ur beag‑creideimh. Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh mar shìol de ghràinne mustaird agaibh, canaidh sibh ris a' bheinn seo, ‘Gluais à seo gu sin,’ agus gluaisidh i, agus cha bhi rud sam bith eu‑comasach dhuibh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach cha chuirear a mach an seorsa so ach le urnaigh ʼs le traisg.