Matthew 17:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus fhad 's a bha iad a' tighinn a‑nuas on bheinn, thug Ìosa àithne dhaibh: “Na innsibh mun t‑sealladh do neach sam bith, gus am bi Mac an Duine air a thogail o na mairbh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus an àm dhaibh teachd a‑nuas on bheinn, thug Iosa àithne dhaibh, ag ràdh, Na innsibh do neach air bith an nì a chunnaic sibh gus an èirich Mac an Duine o na mairbh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus an àm dhaibh teachd a‑nuas on bheinn, thug Iosa àithne dhaibh, ag ràdh, Na innsibh do neach air bith an nì a chunnaic sibh gus an èirich Mac an Duine o na mairbh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bha iad a tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn Iosa orra, a g-radh: Na innsibh an sealladh do neach air bith, gus an eirich Mac an duine bho na mairbh.