Matthew 19:28 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, sibhse a lean mise, anns an linn nuadh, nuair a shuidheas Mac an Duine air a chathair ghlòrmhor fhèin, suidhidh sibhse cuideachd air dà chathair dheug, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath‐ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair‐dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh‐dheug Israeil.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, sibhse a lean mise, gun suidh sibh, anns an ath-bhreith nuair a shuidheas Mac an duine air cathair a mhoralachd, air dà chathair dhiag, a toirt breith air dà threibh dhiag Israil.