Matthew 2:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin nuair a chunnaic Herod gun robh na Magi air a char a thoirt às, thàinig fearg mhòr air. Agus chuir e feadhainn uaithe is mharbh e na bha de bhalaich ann am Betlehem agus sa cheàrnaidh sin uile a bha dà bhliadhna a dh'aois is fodha, a rèir an ama a bha e air fhaighinn a‑mach gu mionaideach o na Magi.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd‐millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban‐mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin Herod a faicinn gun deach a mhealladh leis na daoine glice, dhʼeirich fhearg gu mor; ʼsa cur luchd-millidh mharbh e gach leanabh-gille, a bha am Bethlehem agus ʼna criochan gu leir, a bha dà bhliadhnʼ a dhʼaois us fodha, air reir na time a dhʼfheoraich e gu mean dhe na daoine glice.