Matthew 2:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chuir e gu Betlehem iad, ag ràdh, “Thallaibh agus coimheadaibh gu dìcheallach airson a' phàiste, agus nuair a tha sibh air fhaighinn, innsibh dhòmhsa, airson 's gun tig mise cuideachd agus gun dèan mi adhradh dha.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chuir e iad gu Betlehem, agus thubhairt e, Imichibh, agus iarraibh gu dìcheallach an naoidhean; agus an dèidh dhuibh fhaotainn, innsibh dhòmhsa e, a‑chum gun tèid mise fhèin, agus gun dèan mi adhradh dha.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chuir e iad gu Betlehem, agus thubhairt e, Imichibh, agus iarraibh gu dìcheallach an naoidhean; agus an dèidh dhuibh fhaotainn, innsibh dhòmhsa e, a‑chum gun tèid mise fhèin, agus gun dèan mi adhradh dha.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus gan cur do Bhethlehem, thuirt e: Rachaibh, ʼs cuiribh forfhais gu dichiollach air an naoidhean, ʼs nuair a gheobh sibh e, thugaibh fios dhomh air ais, los gun teid mi fhein a thoirt aoraidh dha.