Matthew 2:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Às dèidh èisteachd ris an rìgh, dh'fhalbh iad; agus, seallaibh, chaidh an rionnag a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an àite far an robh am pàiste.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chuala iad an rìgh, dh’imich iad; agus, feuch, chaidh an reul a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an ionaid anns an robh an naoidhean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chuala iad an rìgh, dh’imich iad; agus, feuch, chaidh an reul a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an ionaid anns an robh an naoidhean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Nuair chual iadsan an righ, dhʼfhalbh iad: agus, seall, chaidh an reul a chunnaic iad san ear rompa, gus an tainig i, ʼs na stad i fos cionn an aite anns an robh an leanabh.