Matthew 20:14 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tog na tha leat fhèin agus thalla. Is i mo thoil‑sa gun toirinn dhan fhear seo a thàinig mu dheireadh mar a thug mi dhutsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tog leat do chuid fhèin, agus imich romhad: is i mo thoil-sa a thabhairt don tì seo a thàinig mu dheireadh, mar a thug mi dhutsa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tog leat do chuid fhèin, agus imich romhad: is i mo thoil‐sa a thabhairt don tì seo a thàinig mu dheireadh, mar a thug mi dhutsa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tog do chuid fhein ʼs bi falbh: oir is aill leam a thoirt doʼn fhear dheirionnach so urad us dhutsa.