Matthew 21:19 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a' faicinn craobh‑fhìge ri taobh an rathaid, chaidh e thuice agus cha d' fhuair e rud sam bith oirre, ach duilleach a‑mhàin. Agus thuirt e rithe, “Na leigeadh gum fàsadh toradh gu bràth tuilleadh ort!” Agus sa bhad chrìon a' chraobh‑fhìge às.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dha crann-fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann-fìge air ball.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dha crann‐fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann‐fìge air ball.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa faicinn craoibh-fige aig taobh an rathaid, thainig e ga h-ionnsuidh; ʼs cha dʼfhuair e dad oirre ach duilleach a mhain, us thuirt e: Gu bràth na fasadh meas ortsa. Agus shearg a chraobh-fhige sa cheart uair.