Matthew 21:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin fhreagair iad Ìosa, “Chan eil fios againn.” Agus thuirt esan riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson na rudan seo a dhèanamh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair iad Iosa, agus thubhairt iad, Chan eil fhios againn. Agus thubhairt esan riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair iad Iosa, agus thubhairt iad, Chan eil fhios againn. Agus thubhairt esan riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus fhreagair iad Iosa, agus thuirt iad: Cha n-aithne dhuinn. Agus thuirt esan riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.