Matthew 24:29 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Sa bhad às dèidh àmhghar nan làithean ud, “‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh, agus cha toir a' ghealach a solas uaipe; tuitidh na rionnagan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air ball as deigh anradh nan laithean sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus, us tuitidh na reultan bho neamh, agus bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad.