Matthew 24:32 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Ionnsaichibh cosamhlachd on chraoibh‑fhìge: cho luath 's a bhios a geug bog, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh faisg.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann-fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann‐fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bhoʼn chrann-fhige ionnsaichibh dubhfhacal: nuair a tha a mheangan a nis maoth, ʼs an duilleach a bristeadh a mach, tha fios agaibh gum beil an samhradh faisg.