Matthew 25:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Ach fhad 's a bha iad a' dol a cheannach, thàinig fear na bainnse, is chaidh iadsan a bha deiseil a‑steach còmhla ris gu fèist na bainnse, agus chaidh an doras a dhùnadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh‐pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach nuair a bha iad dol a cheannach, thainig fear-na-bainnse: agus chaidh iadsan a bha deas a stigh comhla ris thun na bainnse, us dhuineadh an dorus.