Matthew 26:51 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus seall, shìn fear dhiubhsan a bha còmhla ri Ìosa a‑mach a làimh, tharraing e a chlaidheamh agus bhuail e seirbheiseach an àrd‑shagairt agus gheàrr e a chluas dheth.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd-shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd‐shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus, seall, shìn fear de ʼn fheadhainn a bha maille ri Iosa a lamh, tharruinn e chlaidheamh, ʼsa bualadh seirbheiseach an ard-shagairt ghearr e a chluas dheth.