Matthew 5:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin ge b' e neach a bhriseas aon dhe na h‑àitheantan as lugha seo agus a theagaisgeas do dhaoine eile an aon rud a dhèanamh, thèid an duine as lugha ann an rìoghachd nèimh a ghabhail air. Ach ge b' e neach a nì iad agus a theagaisgeas iad, thèid duine mòr a ghabhail air ann an rìoghachd nèimh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Uime sin an neach a bhristeas air an aon is lugha de na faintean so, agus a theagaisgeas mar sin do dhaoine, theirear an urra is lugha ris ann an rioghachd fhlathanais. Ach esan a ni ʼsa theagaisgeas, theirear urra mhor ris an rioghachd fhlathanais.