Matthew 7:12 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin, a h‑uile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh‑se dhaibhsan cuideachd, oir is e seo an Lagh is na Fàidhean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh‐se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A h-uile ni ma ta bu mhath leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh. Oir se so an lagh agus na faidhean.