Matthew 7:25 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuit an t‑uisge a‑nuas, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan is bhuail iad air an taigh sin, ach cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air a' chreig.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air carraig.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air carraig.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, ʼs cha do thuit e, oir bha e air a steidheachadh air carraig.