Matthew 8:28 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a thàinig e chun an taoibh thall, gu tìr nan Gadarèanach, thachair dithis dhaoine ris anns an robh deamhain, a' tighinn a‑mach às na tuaman — cho fiadhaich 's nach fhaodadh duine sam bith a dhol seachad air an t‑slighe sin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air teachd dha don taobh eile, gu tìr na Gergesèneach, thachair dithis dhaoine air anns an robh deamhain, a’ teachd a‑mach as na h‑àitean-adhlaic, agus iad ro‑gharg, ionnas nach faodadh duine sam bith an t‑slighe sin a ghabhail.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air teachd dha don taobh eile, gu tìr na Gergesèneach, thachair dithis dhaoine air anns an robh deamhain, a’ teachd a‑mach as na h‑àitean‐adhlaic, agus iad ro‑gharg, ionnas nach faodadh duine sam bith an t‑slighe sin a ghabhail.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us nuair a thainig e thar a chaolas gu tir nan Gerasenach, choinnich dithis e anns an robh deomhain, a tighinn a mach as na h-uaighean, ro-fhiadhaich, ionnus ʼs nach bʼurrainn duine air bith gabhail seachad an rathad sin.