Matthew 8:33 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Theich iadsan a bha gan ionaltradh, agus chaidh iad dhan bhaile, agus dh'aithris iad a h‑uile sìon, a' gabhail a‑steach na thachair dhaibhsan san robh na deamhain.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus theich na buachaillean, agus chaidh iad don bhaile, agus dh’innis iad na nithean seo uile, agus na thachair dhaibhsan anns an robh na deamhain.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus theich na buachaillean, agus chaidh iad don bhaile, agus dh’innis iad na nithean seo uile, agus na thachair dhaibhsan anns an robh na deamhain.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us theich na buachaillean; ʼsa dol a stigh doʼn bhaile, dhʼinnis iad gach ni, ʼs mar a thachair dhaibhse anns an robh na deomhain.