Matthew 8:6 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus ag ràdh, “A Thighearna, tha mo sheirbheiseach na laighe a‑staigh ann am pairilis, fo àmhghar uabhasach.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ag ràdh, A Thighearna, tha m’òglach na laighe a‑staigh ann am pairilis, agus air a phianadh gu h‑anabarrach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ag ràdh, A Thighearna, tha m’òglach na laighe a‑staigh ann am pairilis, agus air a phianadh gu h‑anabarrach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa g-radh: A Thighearna, tha mo ghille ʼna laidhe san tigh leis an tinneas-chritheach, ʼs air a phianadh gu h-olc.