Matthew 9:17 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Cha mhotha a tha fìon ùr air a chur a‑steach do sheann shearragan. Ma tha, tha na searragan air an sracadh agus tha am fìon air a dhòrtadh is tha na searragan air an sgrios. Ach tha fìon ùr air a chur a‑steach do shearragan ùra, agus tha an dà chuid air an gleidheadh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Cha mhua chuireas iad fion ùr an seann searragan; air-neo sgàinidh na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan. Ach thathas a cur fiona ùir an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid.