Matthew 9:22 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thionndaidh Ìosa, agus ga faicinn thuirt e, “A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu.” Agus sa bhad chaidh am boireannach a dhèanamh slàn on uair sin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach Iosa a tionndadh ʼs ga faicinn, thuirt e: Biodh misneach agad, a nighean, rinn do chreideamh slan thu. Us bha ʼm boirionnach slan bho ʼn uair sin.