Matthew 9:35 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh Ìosa tro na bailtean mòra agus na bailtean beaga gu lèir, a' teagasg anns na sionagogan agus a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a' leigheas gach tinneas agus gach bochdainn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us dhʼimich Iosa mun cuairt feadh nan caithrichean ʼs nam bailtean uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile eugail, ʼsa h-uile easlaint.