Philippians 2:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus gu deimhinn bha e tinn, faisg air a' bhàs. Ach rinn Dia tròcair air, agus cha b' ann airsan a‑mhàin ach ormsa cuideachd, airson 's nach biodh bròn air muin bròin ormsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir gu fior bha e tinn ʼs ri uchd a bhàis: ach rinn Dia iochd ris: ʼs cha n-ann ris-san a mhain, ach riumsa cuideachd, eagal bròn air muin bròin a thighinn orm.