Philippians 3:1 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mu dheireadh, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas san Tighearna. Chan eil e na thrioblaid sam bith dhòmhsa na h‑aon rudan a sgrìobhadh thugaibh, agus tha e na dhìon dhuibhse.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Os bàrr, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna. Gu deimhinn cha leisg leamsa na nithean ceudna a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, ach dhuibhse tha seo tèarainte.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Os bàrr, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna. Gu deimhinn cha leisg leamsa na nithean ceudna a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, ach dhuibhse tha seo tèarainte.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, biodh aoibhneas oirbh san Tighearna. Cha dhragh leamsa gu dearbh na nichean ciadna a sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, ach is riatanach dhuibhse e.