Philippians 3:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
ged a dh'fhaodainn fhèin cuideachd earbsa a bhith agam san fheòil. Ma tha neach sam bith eile a' saoilsinn gum faod e earbsa a chur san fheòil, is motha a dh'fhaodas mise:
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ged dh’fhaodainn-sa mar an ceudna muinghinn a bhith agam anns an fheòil. Ma shaoileas aon neach eile gum faod e muinghinn a chur anns an fheòil, is mò na sin a dh’fhaodas mise:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ged dh’fhaodainn‐sa mar an ceudna muinghinn a bhith agam anns an fheòil. Ma shaoileas aon neach eile gum faod e muinghinn a chur anns an fheòil, is mò na sin a dh’fhaodas mise:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ged a dhʼ fhaodainn-sa gu dearbh bun a chur as an fheoil. Ma tha duine air bith eile a saoilsinn gum faod e earbsa bhith aige as an fheoil, is mua na sin mise,