Revelation 10:4 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a bhruidhinn na seachd tàirneanaich, bha mi dìreach gus sgrìobhadh, ach chuala mi guth o nèamh, ag ràdh, “Seulaich na thuirt na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh idir iad.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a labhair na seachd tairneanaich an guthan, bha mi dol a theannadh ri sgriobhadh: agus chuala mi guth bho neamh a g-radh rium: Seul na nichean a labhair na seachd tairneanaich, ʼs na sgriobh iad.