Revelation 10:7 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach ann an làithean gutha an t‑seachdaimh aingil, nuair a tha e gus an trombaid a shèideadh, thèid dìomhaireachd Dhè a choileanadh cuideachd, mar a dh'innis esan an deagh sgeul dha sheirbheisich, na fàidhean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ann an làithean guth an t‑seachdamh aingil, nuair a thòisicheas e air sèideadh, an sin gum biodh rùn-diamhair Dhè air a chrìochnachadh, mar a dh’innis e da sheirbhisich na fàidhean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ann an làithean guth an t‑seachdamh aingil, nuair a thòisicheas e air sèideadh, an sin gum biodh rùn‐diamhair Dhè air a chrìochnachadh, mar a dh’innis e da sheirbhisich na fàidhean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach ri laithean guth an t-seachdamh aingil, nuair a theannas e ris an trombaid a sheideadh, bithidh mistire Dhe air a lan-choimhlionadh, mar a theagaisg e le sheirbhisich na faidhean.