Revelation 11:5 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus ma mhiannaicheas neach sam bith cron a dhèanamh orra, thig teine às am beul agus sgriosaidh e na nàimhdean aca; agus ge b' e an neach a mhiannaicheas cron a dhèanamh orra, mar sin feumaidh e a bhith air a mharbhadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus ma chiurras duine air bith iad, thig teine a mach as am bial, agus sgriosaidh e an naimhdean; ʼs ma dhochnas neach air bith iad, ʼs ann mar so dhʼ fheumar a mharbhadh.