Revelation 14:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
òlaidh eadhon esan de dh'fhìon fearg Dhè a chaidh a dhòrtadh gun lagachadh ann an cupan fheirge‑san, agus bidh e air a chràdh ann an teine is pronnasg mu choinneamh nan ainglean naomha agus mu choinneamh an Uain.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge‐san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Olaidh esan de dhʼ fhion fearg Dhe, a tha measgaichte le fior fhion ann an cupa fheirge, agus pianar e le teine ʼs le pronnastul an lathair nan aingeal naomh, agus an lathair an Uain;