Revelation 15:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus thàinig na seachd ainglean aig an robh na seachd plàighean a‑mach às an teampaill, air an èideadh ann an anart glan is soilleir, agus air an cuartachadh mun cuim le criosan òir.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon‐aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thainig na seachd ainglean a mach as an teampull, aig an robh na seachd plaighean, ʼs iad air an eideadh le anart glan agus geal, us crioslaichte mu ʼn uchd le criosan òir.